Guth nan Siarach - Gabh Ballrachd
Ma tha sibh nar Gàidheil bho Thùs, agus a' gabhail ris am bun-reachd againn cuiribh ur h-ainm agus seòladh/cod-phuist gu h-iosal airson a dhol nar buill.
Sign in to Google to save your progress. Learn more
Email *
Bun-Reachd
BUN-REACHD

Ainm:

’S e GUTH NAN SIARACH an t-ainm a bhios air a' bhuidhinn.

Mar deidhinn:

Tha Guth nan Siarach na bhuidheann choiteachaidh eisimeileach aig ìre an t-sluaigh a chaidh a stèidheachadh an 2021.
Tha sinn ag iomairt airson;
Urras nan Gaidheil a stèidheachadh cho luath sa ghabhas rèir mholaidhean O’ Giollagain et al (2020)
Guth nan Tùsanaich a thogail co-ionnan le guthan coimhearnsachdan Gàidhlig eile.
`S e buidheann fosgailte, saor-thoileach a th’ ann agus tha sinn an-còmhnaidh feumach air taic agu deonach taic a thoirt do Thùsanaich airson an guth a thogail a thaobh na feumalachdan aca fhèin.

Ballrachd:

’S e buidheann fosgailte neo-rangach a th' annainn. ’S urrainn do dhuine sam bith aig a bheil Gàidhlig bho thùs a bhuineas do na h-eileanan agus a chumas taic ri na h-amasan againn san fharsaingeachd a bhith nam ball de Ghuth nan Siarach.  

Dleastanasan Ballrachd:

A’ toirt taic agus a’ sgaoileadh phostaichean a chuireas am buidheann a-mach air na meadhanan sòisealta.
A’ sgrìobhadh litrichean do luchd-poilitigs a' toirt taic do na poileasaidhean againn is don Ghàidhlig. Faodaidh seo a bhith air cuspair ionadail ceangailte ris a' Ghàidhlig.
A’ sgrìobhadh altan do phàipearan-naidheachd agus làraich-lìn a' toirt taic don bhuidhinn is na poileasaidhean againn, sa Bheurla no sa Ghàidhlig mar a tha iomchaidh.  
A’ toirt taic don na h-iomairtean is poileasaidhean againn le bhith a’ cruthachadh dhealbhan, phostairean, bhideothan is an leithid a-rèir chomasan is ùidhean nam ball.
’S e iomairteachd is coiteachadh ris a bheilear an dùil bhon bhallrachd againn an dà chuid aig ìre nàiseanta agus aig ìre coimhearsnachd.

Eagrachadh na Buidhne: tha sinn a’ coinneachadh co-dhiu gach mios gus ceumannan a thaobh adhartas a dheasbad agus aontachadh.



Coinneamhan:

Thèid Coinneamh Choitcheann Bhliadhnail (CCB) a chumail turas sa bhliadhna far am bi Aithisg Bhliadhnail air a toirt seachad air obair na buidhne.

Thèid coinneamhan a chumail gu cunbhalach tron bhliadhna an dà chuid air loidhne agus dha-rìribh a bheir cothrom don bhallrachd a bhith an làthair cho math ’s as urrainn.


Co-ionannachd:

Bidh sinn a' tabhainn agus a' brosnachadh co-ionannachd taobh a-staigh na buidhne. Cha ghabh sinn ri claon-bhreith a-rèir cinnidh, dath, freumhan cinneachail no dùthchail, creideamh, gnè, taobhadh feise, dearbh-aithne gnè, ciorram corporra no inntinneil.


Poileasaidh Cànan:


Bidh sinn a' toirt prìomhachas oifigeil dhan Ghàidhlig anns gach conaltradh agus aig gach tachartas.



Meuran Ionadail:


Faodaidh meuran ionadail a stèidheachadh ann an sgìrean agus bailtean na h-Alba. Bu chòir do na meuran seo a bhith a’ leantainn a’ chleachdaidh seo; “Guth nan [ainm an àite]”. Chan fhaod ach aon bhuidheann a bhith ann anns gach sgìre agus feumar aonta fhaighinn bhon bhuidhinn eagrachaidh airson meur ùr a stèidheachadh.

Tha na meuran a chaidh aontachadh gu ruige seo mar a leanas;

Guth nan Siarach

Ainm agaibh fhèin *
Seòladh agus cod-phuist ( as bith càite a bheil sibh a' fuireach an-diugh) *
Buinteanas don Eileanan Siar *
Ma tha dad sam bith tha sibh airson a radh mun suidheachadh aig na Gàidheil bho Thùs anns na h-eileanan agus air feadh an t-saoghail, tha cothrom agaibh an-seo:
Submit
Clear form
Never submit passwords through Google Forms.
This content is neither created nor endorsed by Google. Report Abuse - Terms of Service - Privacy Policy